Bookmark and Share
wpc605fddf.png
wpc1cc2d02.gif
wp5533b116.gif

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Hebrides News - www.hebrides-news.com
wpd3722bcf.png

Computers

Repairs  

Sales

 Service

 

Desktops & Laptops

Phones

Cameras

ipods

 

 

 

 

 

wp12dbaba8.png

Consoles

& Games

01851

700178

17 Bayhead St

Stornoway, Lewis

 

 

Tha sgoilearan bho coig àrd-sgoiltean Albannach a‘ siubhal gu Cluain Dolcain (Clondalkin) ann an Èirinn an duigh, far am bi iad a’ coinneachadh ri clann-sgoile bho coig sgoiltean à Èireann a Tuath agus coig sgoiltean à Èirinn a Deas agus far am bi iad uile an sàs anns an tachartas shònraichte – Ri Chèile – a tha a’ comharrachadh nan ceanglaichean eadar an dà Èirinn agus Alba.

Tha 8 bliadhna bhon a chaidh a’ chiad ‘Ri Chèile’ a chur air chois, ‘s e mar cho-obrachadh eadar Comunn na Gàidhlig agus Gael Linn agus, bhon uairsin, tha e air a bhith a’ tachairt bliadhna ma seach ann an Èirinn agus ann an Alba. Mar phrìomh thachartas gach bliadhna, tha an deasbad eadar-nàiseanta – Fòram Cainte – agus na sgoiltean Albannach a bhios an sàs am bliadhna, tha Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich, Àrd-sgoil MhicNeacail, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

A bharrachd air a bhith an sàs anns an deasbad, bidh cothrom aig na sgoilearan Albannach beagan Gaeilge ionnsachadh agus cuideachd tadhal air sgoiltean a tha a’ tabhainn foghlam tro mheadhan na cànain sin. Cluinnidh iad mu chor na cànain ann an sgìre Chluain Dolcain fhèin ‘s bidh cuairt gu Bail’ Àth Cliath, far am faic iad an leabhar eachdraidheil agus ainmeil, Leabhar Cheanannais.

Cuideachd air a’ chlàr-ama, tha farpais-cheist dà chànanach, oidhche ciùil agus sùil air na bùithtean ann am Bail’ Àth Cliath – 3 làithean fìor thrang, ach fìor chothrom cuideachd mòran fhaicinn agus ionnsachadh agus, le cinnt, ceanglaichean a neartachadh le ar nàbaidhean Ceilteach.

 

 

 

 

Five Scottish secondary schools are travelling to Clondalkin in Ireland today  where they will meet up with scholars from schools from Northern Ireland and Southern Ireland, where they will all take part in the flagship event – Ri Chèile – that commemorates the links between Ireland and Scotland.

It has been 8 years since the first Ri Chèile event which is a collaboration between Comunn na Gàidhlig and Gael Linn and since then Ri Chèile has been taking place alternately one year in Ireland and one year in Scotland.

The international debate – Fòram Cainte - is the main event each year and the Scottish Schools taking part this year are Tain Royal Academy, The Nicolson Institute, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Greenfaulds Secondary School, Cumbernauld, and Dingwall Academy.

As well as taking part in the Fòram Cainte, the Scottish scholars have the opportunity to learn some Gaeilge and also visit schools that offer education through the medium of Gaeilge. They will listen to a talk on the work and language of the Clondalkin community and there will be a trip to Dublin where they will view the historical and famous Book of Kells. Also in the programme, there is a bilingual quiz, cultural evening and a visit to the shops in Dublin – 3 very busy days, but a good opportunity to see and learn lots and without doubt strengthen links with our Celtic neighbours.

 

 

Secondary school pupils mark Celtic links with Ireland             28/9/11