Hebrides  News

Public notices  I   Jobs   I Classified adverts                                 

Small Ads & Local Services     

Contact newsdesk on:  info@hebridesnews.co.uk

Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd

 

 

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca a lìonadh. Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; Sgìre Loch a Tuath – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga.

 

Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.

 

Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a' gabhail a-steach:

 

 

Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:

 

 

 

 

 

Faodaidh an dreuchd seo bhith stèidhichte aig ìrean eadar 0.8 agus 1.0 FTE(làn ùine). Bithidh seo a rèir miann/comas an tagraiche às fheàrr. A rèir siud, bidh an tuarastal aig ìre £18,128 (0.8FTE) suas gu £22,600 (1FTE) sa bhliadhna. (Tha peinsean de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).

 

Tha an dreuchd sa stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort, ach ag obair ann an Sgìre an Loch a Tuath – eadar an Rubha agus a Bhac.

 

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:

Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Fòn: 01851 701802    Post-dealain: oifis@cnag.org

 

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 12.00f air 8mh Màirt 2019 agus bidh agallamhan ann, ann an Steòrnabhagh, uairegin san t-seachdain a’ tòiseachadh air 11mh Màirt.

 

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a' cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.