Bookmark and Share
wp39514cc9.png
wpc1cc2d02.gif

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Hebrides News - www.hebrides-news.com
wpd3722bcf.png

Computers

Repairs  

Sales

 Service

 

Desktops & Laptops

Phones

Cameras

ipods

 

 

 

 

 

wp12dbaba8.png

Consoles

& Games

01851

700178

17 Bayhead St

Stornoway, Lewis

 

 

A new Gaelic and English dictionary covering the professional language of local government and business has been launched on the Comhairle nan Eilean Siar website. Containing over 7,500 headwords, the new dictionary has been produced by the European Language Initiative (TELI) in collaboration with Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council.

The dictionary can be accessed on the Comhairle nan Eilean Siar website (www.cne-siar.gov.uk/gaelic/dictionary.asp) and is available in e-book and PDF formats, free of charge.

Chair of Comataidh Buileachaidh Plana Cànain at the  Comhairle, Agnes Rennie, said: “Comhairle nan Eilean Siar warmly welcomes the online publication of this important new dictionary.

“The Comhairle has long been one of the foremost bodies in determining the appropriate usage of Gaelic in official situations and it’s good that our officers have been able to work collaboratively with TELI and the Highland Council to share their combined knowledge in this way.

“We hope that the dictionary will be used widely. As well as its obvious benefit to local authorities, businesses and schools will also find it very useful as will members of the public.

“This dictionary marks another milestone in delivering the best quality services through the Gaelic language at local authority level.”

 

 

 

Tha faclair Gàidhlig agus Beurla ùr air cànan phroifeiseanta riaghaltas ionadail agus gnìomhachas air a bhith ga chuir air bhog air loidhne air làrach-linn Comhairle nan Eilean Siar. Tha am faclair ur, anns a bheil barrachd air 7,500 cinn-fhacail, air a riochdachadh le Iomairt Cànan na Roinn Eòrpa (TELI) ann an co-obrachadh le Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Is urrainnear am faclair a chleachdadh air làrach-linn Comhairle nan Eilean Siar agus gheibhear ann an cruth e-book agus PDF e, saor an-asgaidh.

Thubhairt Agnes Rennie, Cathraiche Chomataidh Buileachaidh Plana Cànain aig a’ Chomhairle: “Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte fàilte a chur air an fhaclair ùr chudromach seo. Tha a’ Chomhairle an còmhnaidh air a bhith aig tòiseach chùisean ann a bhith a’ measadh mar a bu chòir Gàidhlig a bhith ga chleachdadh ann an suidheachaidhean oifigeil agus tha e math gu bheil ar oifigearan air a bhith ag obair còmhla ri TELI agus Comhairle na Gàidhealtachd airson an cuid eòlais a roinn anns an dòigh seo.

Tha sinn an dòchas gun cleachd mòran am faclair ùr. Tha e follaiseach gum bi e feumail do dh’ùghdarrasan ionadail ach a bharrachd air a sin bidh e feumail do ghnìomhachasan agus sgoiltean agus don phoball cuideachd. Tha am faclair a’ comharrachadh ìre chudromach eile ann a bhith a’ solarachadh nan seirbheisean as fhèarr ann an Gàidhlig aig ìre ùghdarrais ionadail.“

 

Dictionary for Gaelic bureaucrats                     1/9/11