Bookmark and Share

Hebrides  News                                       newsdesk@hebrides.biz

wpdc5c474c.png
wp5533b116.gif

 

 

 

 

 

 

 

 

 

wp66cf718c.png
wp0a37d33c.png

Computers

 

Repairs  

Sales

 Service

 

Desktops & Laptops

Phones

Cameras

ipods

 

 

 

 

 

 

Consoles

& Games

 

01851

 

700178

 

17 Bayhead St

Stornoway, Lewis

 

wp12dbaba8.png

 

Tha ceathrar oileanaich thar fhichead a’ faighinn an ciad cothrom ann an àite obrach thairis mìosan an t-samhraidh agus iad a’ gabhail pàirt ann a’ Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2010, a th’ air a ruith le Comunn na Gàidhlig.

Tha an sgeama, a th’ air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar, a’ toirt cothrom dha òigridh na mìosan samhraidh aca a chuir seachad a’ feuchainn greiseag ann an dreuchd a thagh iad fhèin, a tha tro mheadhan na Gàidhlig; a’ togail sgilean chudromach, a cuir eòlas air obair agus a’ cuir eòlas air daoine a bhios feumail dhaibh anns an àm ri teachd.

Tha fàilte cuideachd air a chuir air an sgeama le luchd fastaidh Ghàidhlig air sgàth ‘s gu bheil iad a’ faighinn ruigsinn air dealasachd agus earbsalachd nan Gàidheal òg a tha airson iad fhèin adhartachadh, a’ cleachdadh Gàidhlig.

Am measg nam buidhnean a tha a’ gabhail pàirt am bliadhna tha Clì Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, Sabhal Mòr Ostaig, Pàrlamaid na h-Alba, Comann Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù, Fèisean nan Gàidheal, Oilthigh Ghlaschu agus Urras Leabhraichean nan Eilean.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig: “Còmhla ri euchdan acadaimigeach tha e a’ fàs nas fhollaisiche gu bheil blas obrach sam bith prìseil anns a’ mhargaidh chosnaidhean. Tha an luchd fastaidh a’ faighinn buannachd bho bhith a’ faighinn beachdan is dòighean-obrach às ùr bho na h-oileanaich a thig a dh’obair dhaibh. Tha an sgeama seo cuideachd a’ dearbhadh gun urrainn dha Gàidhlig agus àitichean obrach an latha ‘n diugh tighinn còmhla agus obrachadh gu math còmhla.”

 

Twenty four students are currently getting their first experience of the workplace, as they participate in this year’s Comunn na Gàidhlig Students Work Placement Scheme.

Funded by Highlands and Islands Enterprise, Bòrd na Gàidhlig, Highland Council and Comhairle nan Eilean Siar, the scheme gives young people the opportunity to spend the summer months sampling a career of their choice in Gaelic, building important skills, experience and contacts for the young peoples’ futures.

The scheme is also welcomed by Gaelic employers who are given access to the enthusiasm and commitment of young Gaels eager to take forward their futures using Gaelic.

Amongst the organisations participating in this year’s scheme are Clì Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, Sabhal Mòr Ostaig, The Scottish Parliament, Comunn Eachdraidh Bharbahis is Brù, Feisean nan Gàidheal, Glasgow University and Urras Leabhraichean nan Eilean.

Donald MacNeill, Comunn na Gàidhlig Chief Executive said: “ Offering 24 placements across Scotland provides real benefits for all concerned.

“Alongside academic achievements it’s increasingly recognised that work experience of any sort is valued in the labour market, and the employers can benefit from the fresh perspective that the students can bring, and quite apart from all that, it demonstrates that the Gaelic language and the modern workplace can easily go hand in hand.”

 

 

Two dozen students on Gaelic workplace scheme               25/8/10