Contact newsdesk on:  info@hebridesnews.co.uk

Hebrides  News

 Local Services     

Classified adverts   I   Jobs                                

To advertise a vacancy in this section e-mail your advert to  

info@hebrides.biz  

Adverts for each vacancy are only £25 for two weeks

or £35 for a month. Unlimited text.

Discounted rates available for multiple vacancies

 

 

Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd

(0.7fte)

 

Sgìre Loch a Tuath Leòdhais

(Steòrnabhagh 's an sgìre mun cuairt)

 

(Tuarastal £22-24K pro-rata.  Cumhnant airson bliadhna le cothrom sìneadh)

 

Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd ann an sgìre Loch a Tuath Leòdhais, (Steòrnabhagh, Am Bac, Tolastadh, an Rubha).  Thathas a’ lorg neach-obrach a tha fileanta sa Ghàidhlig, eòlach air a bhith ag obair aig ìre coimhearsnachd, agus gu sònraichte obair òigridh, comasach air càirdeas a thogail leis an òigridh, comasach air a bhith ag obair le glè bheag de stiùireadh bho latha gu latha agus math air obair co-òrdanaiche agus a bhith a’ bruidhinn ri buidhnean 's luchd-obrach aig iomadh ìre.  Bidh làn chead draibhidh a dhìth sna sgìrean far am biodh sin riatanach.  

 

Ann an com-pàirteachas le sgoiltean, bidh na h-oifigearan seo a’ libhrigeadh, a’ cur air dòigh agus a’ co-òrdanachadh phròiseactan a chruthaicheas cothroman Gàidhlig don òigridh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile.  Bidh iad cuideachd ag obair còmhla ri roinnean leasachaidh eile, mar Sgioba Tràth Bhliadhnachan aig Bòrd na Gàidhlig is Comann nam Pàrant.

 

Sa chiad dol a-mach, ‘s e cùmhnant stèidhte airson bliadhna a bhios an seo ach, thathas dòchasach gum faighear an t-ionmhas a leigeas leinn an obair a shìneadh a-mach.  Gheibhear Tuairisgeul Obrach agus tuilleadh fiosrachaidh, bho: Dòmhnall Mac Nèill, Ceannard, Comunn na Gàidhlig, 5 Caolraid Mhìcheil, Inbhir Nis, fòn 01463-234138, post-d oifis@cnag.org

 

Feumaidh iarrtasan a bhith againn ro 12.00 feasgair, Diciadain 9mh Sultain.  

 

Tha an dreuchd seo air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.  

 

'S e companaidh earranta le inbhe charthannais a th' ann an CnaG, àireamh charthannais SC007167.

 

A’ CRUTHACHADH CHOTHROMAN DHAN GHÀIDHLIG